James Graham James Graham - Sorchar Nan Reul

Feuch sorchar nan reul
Air corbha nan neul
Agus ceòlraidh nan speur
Ri luaidh dha
Sorchar nan reul

Tighinn le caithrim a nuas
Bho an athair tha shuas
Clàr is inneal nan duan
Ri seirm dha
Sorchar nan reul

Chrìosd, a chomraich mo rùin
Cuim nach togainn do chliù
Ainglean agus naoimh chiùil
Ri luaidh dhut
Sorchar nan reul

Mhic mhoire oigh nam buadh
Is fire fìnne-ghile snuadh
Liom bu shon a bhi an cluan
Do shaoibhreis
Sorchar nan reul

A chrìosda mo chaoimh
A chrìosda ro-naoimh
Bitheam gach là agus oidhche
Ri luaidh ort
Sorchar nan reul

Feuch sorchar nan reul
Air corbha nan neul
Agus ceòlraidh nan speur
Ri luaidh dha
Sorchar nan reul